skip tocontent

ar bileag airson luchd-ceannachd

do ghearan agus an t-ombudsman

air gearan a thogail le banca, companaidh- rachais no gnìomhachas-airgid " ach tha thu fhathast mì-thoilichte?

Tha cumhachdan oifigeil aig an ombudsman gearanan eadar thu fhèin agus gnìomhachas-airgid leis nach eil thu toilichte a rèiteachadh.

Bidh sinn a’ coimhead air an fhìrinn, a’ faighneachd cheistean agus a’ tighinn gu co-dhùnadh air na tha cothromach anns gach cùis fa leth.

Ma tha sinn den bheachd gun deach dèiligeadh riut gu cothromach leis a’ ghnìomhachas, innsidh sinn dhut carson. Ach ma tha sinn den bhachd gu bheil an gnìomhachas air rudeigin ce rr a dhèanamh, faodaidh sinn iarraidh orra cùisean a chur ceart.
Tha ar seirbheis an-asgaidh do luchd-ceannachd.

Tha a’ bhileag seo ag innse dhut mun ombudsman agus mar a chleachdas sinn ar comas airson gearanan-airgid a rèiteachadh.

Gach bliadhna cuiridh còrr is millean neach fios thugainn a’ sireadh fiosrachaidh mu dhuilgheadasan airgid, nam measg:

  • bancaireachd
  • rachas
  • morgaidsean
  • cairtean-creideis agus cairtean-bùtha
  • iasadan agus creideas
  • peinnseanan
  • s bhaladh agus airgead-seilbh
  • ceannachd-iasaid agus iomlaideachadh
  • a’ gluasad airgid
  • comhairle airgid
  • stuic, còraichean, earrannan-maoin agus bannan.

Mur eil thu cinnteach an urrainn dhuinn do chuideachadh leis an duilgheadas agad, dìreach cuir fios thugainn is faighnich. Cuir fòn thugainn air 0300 123 9 123.

Bidh sinn toilichte fòn a chur air ais thugad ma bhios tu iomagaineach mu chosgaisean fòn a chur thugainn.

dè bu chòir dhomh dèanamh an toiseach?

Mus toir sinn sùil air an duilgheadas agad, feuch thusa ri rèiteachadh an toiseach leis a’ ghnìomhachas a dh’fh g mì-thoilichte thu.

Ma tha e duilich dhut seo a dhèanamh, no mur eil thu cinnteach mu rudeigin, cuir fios thugainn.
Bidh ochd seachdainean aig a’ghnìomhachas gus do ghearan a rèiteachadh. Mur eil thu toilichte s dèidh ochd seachdainean, faodaidh tu iarraidh oirnn a dhol an s s. Mìnichidh sinn dhut dè an t-ath cheum a bu chòir dhut a ghabhail. Cuir fòn thugainn air 0300 123 9 123.

dè thachras an uair sin?

Ma tha ochd seachdainean air a bhith aig a’ ghnìomhachas is tha thu fhathast mì-thoilichte, faodaidh tu iarraidh oirnn a dhol an s s.

Ma tha sinn a’ creidsinn gun urrainn dhuinn do chuideachadh, bidh feum againn air fiosrachadh bhuat airson an fhoirm-gearain againn.

Bidh sinn ag iarraidh:

  • beagan fiosrachaidh pearsanta
  • d’ ireamh-cunntais no ireamhan poileasaidh imsaa
  • ge rr-chunntas air na thachair agus mar a chì thusa mar a thèid cùisean a chur ceart air do shon.

Ma chuireas tu fòn thugainn, thèid againn air p irt dhen fhiosrachadh a lìonadh air a’ fon.
No faodaidh tu an fhoirm a lùghdachadh bhon l raich-lìn againn. Lìon a-steach is cuirthugainn i.

Is urrainn dhuinn an dòigh anns a bheil sinn a’ cumail conaltraidh riut atharrachadh, a rèir nam feumalachdan agad.

Ma bhios tu ag iarraidh fiosrachaidh ann an cruth eadar-dhealaichte, mar eisimpleir Braille, clò mòr no air teip " no ann an c nan diofraichte " leig fios thugainn. Nì sinn ar dìcheall gus do chuideachadh.

ciamar a rèiteachas an t-ombudsman mo ghearan?

Mas e gearan as urrainn dhuinn rèiteachadh, bidh sinn:

  • a’ toirt sùil air an taobh agadsa den chùis
  • a’ cur fios dhan ghnìomhachas ag iarraidh an taobh acasan den chùis
  • a’ beachdachadh air an fhìrinn agus
  • ag innse dhut agus dhan ghnìomhachas ciamar a tha sinn a’ faireachdainn mu dheidhinn.

Ma tha sinn den bheachd gun deach dèiligeadh riut gu cothromach leis a’ ghnìomhachas, innsidh sinn dhut carson.

Ma tha sinn den bheachd nach deach dèiligeadh riut gu cothromach leis a’ ghnìomhachas, is tha thu air call a-mach, faodaidh sinn iarraidh orra cùisean a chur ceart.

Bidh sinn a’ rèiteachadh a’ chuid as motha de ghearanan aig an ìre seo. Mur eil, is urrainn dhuinn an gearan ath-sgrùdadh agus ar co-dhùnadh mu dheireadh innse dhut.

Cha leig thu leas ar co-dhùnadh a ghabhail agus tha thu di-beathte a dhol dhan chùirt. Ach chan urrainn dhuinn comhairle laghail a thabhann dhut mu fheumalachdan no bacaidhean cùirte sam bith (mar eisimpleir, mu chinn-latha).

dè cho fada is a tha am pròiseas seo?

Tha sinn a’ coimhead gu faiceallach air gach cùis " agus tha cho fada is a tha am pròiseas uaireannan gu math diofraichte. Tha e an crochadh air:

  • cho amallach is a tha a’ chùis agus
  • cho fada is a tha e am fiosrachadh a tha a dhìth oirnn fhaighinn, airson do ghearan a sgrùdadh gu ceart.

Tha seo a’ ciallachadh gun tèid againn air feadhainn de ghearanan a rèiteachadh taobh a-staigh beagan mhìosan. Uaireannan eile, bidh feadhainn a’ mairsinn còrr is bliadhna.

am feum mi gearan a thogail leis an ombudsman ro cheann-latha sònraichte?

Feumaidh. Mur eil e comasach dhut do ghearan a rèiteachadh leis a’ ghnìomhachas, tha e cudromach gun toir thu do ghearan dhuinn cho luath ’s a ghabhas. Tha suas ri sia mìosan agad ri seo a dhèanamh.

Ma dh’fhaodte gum bi cinn-latha eile ann ma bhios tu:

  • a’ gearan mu rudeigin a thachair bho chionn fhada agus/no
  • ga fh gail ro fhada nuair a tha fios (no nuair a bu chòir do fios a bhith) agad gu bheil duilgheadas ann.

am faod cuideigin gearan a dhèanamh dhomh?

Faodaidh neach sam bith gearan a dhèanamh dhut " mar eisimpleir, cuideigin nad theaghlach, caraid no Comhairle a’ Phobaill. Ach feumaidh tusa do l mh a chur ris an fhoirm-ghearain againn airson cead a thoirt dhuinn dèiligeadh riutha.

am feum mi cuideachadh sònraichte airson gearan a thoirt do sheirbheis an ombudsman?

Chan fheum. Cha bu chòir do feum a bhith agad air cuideachadh sònraichte " bho fhear-lagha no chompanaidh-tagraidh, mar eisimpleir. Bidh sinn a’ coimhead air fìrinn gach gearain " chan ann air dè cho math is a bhios tu a’ cur do thagraidh an cèill. Agus b’ fhe rr leinn cluinntinn bhuat nad fhacail fhèin.

Ma tha thu a’ fastadh cuideigin airson a bhith gad riochdachadh, ma dh’fhaodte gum bi agad ri na cosgaisean aca a ph igheadh. Is dòcha gum bi seo a’ ciallachadh gum bi thu gam p igheadh a-mach airgead sam bith a gheibh thu air ais.

a bheil toirt gearain do Sheirbheis Ombudsman an Airgid coltach ri bhith a' dol gu cùirt?

Chan eil an t-ombudsman idir cho foirmeil ris na cùirtean. Am bitheantas, bidh ar co-dhùnadh stèidhichte air an fhiosrachadh a gheibh sinn bhuat is bhon ghnìomhachas, ann an sgrìobhadh no air a’ fòn. Mar as trice, bidh sinn a’ rèiteachadh a’ mhòr-chuid de ghearanan s aonais choinneamhan aghaidh-ri-aghaidh.

Ma dh’fhaodte nach bi ar seirbheis freagarrach dhut ma tha còrr is £100,000 an s s nad ghearan (£150,000 airson ghearanan a fhuair sinn s dèidh 1 Faoilleach 2012) " an t-sùim as motha aig a bheil comas againn iarraidh air gnìomhachas a ph igheadh. Ma dh’fhaodte gum b’ fhe rr leat do ghearan a thoirt dhan chùirt ma tha thu airson:

  • na p ipearan uile a sgrùdadh gu pearsanta
  • na ceistean agad fhèin fhaighneachd no
  • sinne no an gnìomhachas a mhion-cheasnachadh.

Mar as trice, cha bhi sinn a’ l imhseachadh cùis a bha fa-near do chùirt roimhe (no ma bhios dùil ri cùis-lagha).

an cuidich seirbheis an ombudsman ri gearanan bho ghnìomhachasan beaga?

Cuidichidh. Is urrainn dhuinn coimhead air gearanan bho ghnìomhachasan nas lugha " cho fada ’s a tha:

  • tionndadh-airgid bliadhnail de nas lugha na d mhillean euro aca agus
  • nas lugha na deichnear de luchd-obrach aca.

am faod seirbheis an ombudsman gnìomhachasan a pheanasachadh no c in a leagail orra?

Chan fhaod. ’S e dleastanas an luchd-riaghlaidh, mar eisimpleir Financial Services Authority (FSA) agus Office of Fair Trading (OFT), na riaghailtean a sgrìobhadh agus dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachasan gan leantainn.

’S e ar n-obair gearanan fa leth eadar gnìomhachasan a tha a’ tabhann sheirbheisean airgid agus an luchd-ceannachd a rèiteachadh.

Chan eil sa bhileig seo ach fiosrachadh san fharsaingeachd. Tha na riaghailtean ris am bi sinn a’ leantainn gu math ioma-fhillte.

Ma dh’iarras tu oirnn gearan a sgrùdadh, innsidh sinn dhut mu riaghailtean no chuibhreachadh sam bith a dh’fhaodadh a bhith iomchaidh nad chùis.

Bheir sinn cothrom dhut ceist a thogail mu rud sam bith nach tuig thu no ris nach eil thu ag aontachdadh.
image of consumer leaflet

Tha an dreach seo den bhileig againn air a dhealbhadh airson leughadh air sgrion. Far a bheil e iomchaidh, tha e riatanach gun toir gnìomhachasan dreach clò-bhuailte oifigeil do luchd-ceannachd (seach an duilleag-lìn seo a phriontadh is a thoirt dhaibh).

Gheibh luchd-ceannachd lethbhreac clò-bhuailte air 0300 123 9 123.

Faodaidh gnìomhachasan a’ bhileag iarraidh bhuainn airson an luchd-cheannachd.

a’ freagairt air d’ fheumlachdan is a’ bruidhinn do ch nain

Is urrainn dhuinn ar foillseachaidhean a chur a-mach ann am Braille, clò mòr no air teip.

Gheibhear fiosrachadh ann an caochladh ch nanan eile.

Gheibhear ar bileag airson luchd-ceannachd ann an cruth a tha soirbh a leughadh (cruth teacsa ruigsinneachd).

Loidhne-cuideachadh an FSA

Ma bhios tu iomagaineach nach eil companaidh a tha fo riaghladh an FSA a’ gabhail ri na riaghailtean, cuir fios gu loidhne-cuideachadh an FSA air 0845 606 1234.